Tha seanchasan beaga iongnatach air cul cuid de na laraich ann am Baile Luirboist na Loch.

Tha croitearan air a bhith cumail aithne air cnuic, uillt is feadain, a bha nan comharraidhean aig iomadh linn a bha roimpe. Bha ainm air gach tom far am biodh beathaichean ag Ionaltradh agus air gach sruthan a leumadh iad.

Bha ainm aca air gach geodha agus mir den cladach far am biodh eathar aca air rid agus gach creag far am biodh iad ag iasgach.

Tha laraich ann air a bheil ainm a tha comharrachadh rudan a thachair ann an eachdraidh agus rudan eile a thachair nas fhaisg oirnn.

Bheir sinn iomradh air cuid de na h-aitichean a tha mun cuairt baile Luirboist anns a chruinneach-sa.

 

...The Leurbost Gaelic Placenames Project with Cabraich Community Arts & Heritage will be begining soon.